Mogalan làraichean Dhùthaich nan Craobh Mòra

Mogalan làraichean Dhùthaich nan Craobh Mòra

 

Fàilte gu Siorrachd Pheairt ... Dùthaich nan Craobh Mòra

Conifers at Faskally Wood near Pitlochry © Paul Kyle

Ann an Siorrachd Pheairt, tha feadhainn de na craobhan, den fhearann-choille agus de na liosan-dùthcha as smaoineachaile san Roinn-Eòrpa ach tha barrachd na dìreach craobhan a tha mòr agus ainmeil ann. Gabh sgrìob air na slighean a-muigh air an dùthaich làn dhuilleagan agus:

  • dèan rannsaachadh anns na th’ air fhàgail de choille àrsaidh na h-Alba
  • faigh a-mach far an do thòisich coilltearachd na linne seo san dùthaich seo
  • gabh cuairt tro àite-dùthchais sealgairean nan lusan a shiubhail a’ chruinne-chè
  • gabh annas de na lusan a thug iad a-steach bho iomadh ceàrnaidh den t-saoghal
  • gabh tlachd à togalaichean-brèige 's à taighean-sgàile
  • cuir eòlas air feadhainn de dh’fhiadh-bheatha nan coilltean againn

Cuir feum air a’ chlàr-dhùthcha air dheis gu h-àrd gus do shlighe a ghabhail tro Dhùthaich nan Craobh Mòra. Ann an dìreach sgrìob bheag, chì thu a’ chraobh as sine san Roinn-Eòrpa, a’ challaid as àirde san t-saoghal, fuigheall de Choille Bhiormain Shakespeare – agus tha barrachd ann.

Tadhail air Dùthaich nan Craobh Mòra as t-samhradh agus gabh tlachd à uachdar mèith uaine na tìre no cuir eòlas air an tarraing an lùib nan coilltean againn as t-earrach, as t-fhoghar agus anns a’ gheamhradh: coiilltean fo churracan-gorma sa Chèitean, duilleagan ruadha ’s òir nan lasair san Dàmhair, lìonradh fìnealta den reothadh air na meanglain san Fhaoilleach.

Looking up at birch trees in Tummel © Forestry Commission

Thug craobhan Shiorrachd Pheairt spreagadh a-riamh do luchd-ealain, luchd-dhealbhan, do bhàird agus do sgrìobhadairean.

Nam measg seo tha Magnus Jackson, a bhuineadh do Pheairt bho dhùthchas agus a bha gu mòr air thoiseach ann an dealbhan uachdar-dùthcha. Tha na h-ìomhaighean smaoineachail aige rim faotainn ann an Taigh-taisbeanaidh Mhagnus Jackson, an t-aon taigh-taisbeanaidh air an lìon anns a bheil a leithid de chruinneachadh den t-saothair aige.

Agus gus eòlas ceart a chur air cho uasal agus a tha Dùthaich nan Craobh Mòra, thoir sùil air earrann nan Coilltean Deasa againn airson fiosrachaidh mu cheumannan-coiseachd is mu shlighean-rothaireachd air feadh na sgìre.